Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:50

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iosa ris, Na bacaibh e: oir ge bè nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An tì nach eil leam, tha e am aghaidh; agus an tì nach cruinnich leam, sgapaidh e.

Agus air teachd dhaibh do Chapernàum, thàinig luchd-togail na cìse gu Peadar, agus thubhairt iad ris, Nach eil ur Maighistir-se ag ìocadh na cìse?

Thubhairt Peadar ris, O choigrich. Thubhairt Iosa ris, Air an adhbhar sin tha a’ chlann saor.

Agus fhreagair Eòin e, ag ràdh, A Mhaighistir, chunnaic sinne neach nach eil gar leantainn-ne a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn fhèin.

Oir ge bè neach a bheir cupan uisge dhuibhse ra òl ann am ainm-sa, a chionn gur le Crìosd sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.

An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh.

Chan eil seirbhiseach sam bith comasach air seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna; oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh, agus bheir e gràdh don fhear eile; no gabhaidh e le aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbhis a dhèanamh do Dhia agus Mhamon.

Uime sin tha mi a’ toirt fios dhuibh, nach abair duine sam bith a tha a’ labhairt o Spiorad Dhè gu bheil Iosa mallaichte; agus nach urrainn duine sam bith a ràdh gur e Iosa an Tighearna, ach tre an Spiorad Naomh.

Agus ghabh na daoine dem biadh, agus cha d’iarr iad comhairle o bheul an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan