Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cò air bith iad nach gabh ribh, air dhuibh dol a‑mach as a’ bhaile sin, crathaibh dhibh eadhon an duslach o ur casan mar fhianais nan aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna chrath mi m’uchd, agus thubhairt mi, Mar seo crathadh Dia gach duine nach coilean an gealladh seo, a‑mach as a thaigh, agus as a obair, eadhon mar seo crathar a‑mach agus falmhaichear e. Agus thubhairt an coitheanal uile, Amen, agus mhol iad an Tighearna. Agus rinn an sluagh a rèir a’ gheallaidh seo.

Agus bheirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo sgàth-sa, mar fhianais dhaibhsan agus do na Cinnich.

Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin.

Ge bè neach a ghabhas ri aon den leithidean seo de leanaban ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa; agus ge bè neach a ghabhas riumsa, cha mhise ris a bheil e a’ gabhail, ach ris an Tì a chuir uaithe mi.

Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.

Agus dh’àithn e dha gun innse do neach air bith: Ach imich, agus nochd thu fhèin don t‑sagart, agus thoir seachad airson do ghlanaidh, mar a dh’àithn Maois mar fhianais dhaibh.

Agus ge bè air bith taigh don tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus à sin rachaibh a‑mach.

Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg-se uile, bidh esan mòr.

Ach chrath iadsan duslach an cas dhiubh nan aghaidh, agus thàinig iad gu Iconium.

Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan