Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:49

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Eòin, agus thubhairt e, A Mhaighistir, chunnaic sinne duine àraidh a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn-ne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ach bhac Eòin e, ag ràdh, Tha feum agamsa a bhith air mo bhaisteadh leatsa, agus a bheil thusa a’ teachd am ionnsaigh-sa?

Agus fhreagair Sìmon, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, shaothraich sinn feadh na h‑oidhche uile, agus cha do ghlac sinn nì sam bith: ach air d’fhacal-sa leigidh mi sìos an lìon.

Agus nuair a bha iadsan a’ dealachadh ris, thubhairt Peadar ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo; agus dèanamaid trì pàilleanan, aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon do Elias; gun fhios aige ciod a bha e ag ràdh.

Ag ràdh, Nach tug sinne geur-òrdagh dhuibh gun teagasg a dhèanamh anns an ainm seo? Agus, feuch, lìon sibh Ierusalem le ur teagasg, agus is àill leibh fuil an duine seo a tharraing oirnne.

A tha a’ bacadh dhuinne labhairt ris na Cinnich, a‑chum gum biodh iad air an tèarnadh, a‑chum sìor-lìonadh suas am peacaidhean: oir thàinig an fhearg orra mu dheireadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan