Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:48

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg-se uile, bidh esan mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Ro sgrios bidh cridhe duine uaibhreach, agus ro urram bidh irioslachd.

Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil-san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar-sa a tha air nèamh.

Mar seo chan i toil ur n‑Athar-se a tha air nèamh gun rachadh aon neach den mhuinntir bhig seo a chall.

Agus thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Sibhse a lean mise, anns an ath-ghineamhain, nuair a shuidheas Mac an Duine air cathair a ghlòire fhèin, gun suidh sibhse mar an ceudna air dà‑chathair-dheug, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.

An sin freagraidh esan iad, ag ràdh, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is nach do rinn sibh e don neach as lugha dhiubh seo, cha do rinn sibh dhòmhsa e.

Ge bè neach a ghabhas ri aon den leithidean seo de leanaban ann am ainm-sa, tha e a’ gabhail riumsa; agus ge bè neach a ghabhas riumsa, cha mhise ris a bheil e a’ gabhail, ach ris an Tì a chuir uaithe mi.

Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.

Oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e; agus ge bè neach a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.

Ach na bithibh-se mar sin: ach an neach as mò nur measg, biodh e mar an neach as òige; agus an tì as àirde, mar esan a tha ri frithealadh.

A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Oir tha mi ag ràdh ribh, Nam measg-san a rugadh le mnathan, chan eil fàidh as mò na Eòin Baistidh: gidheadh an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè, is mò e na esan.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.

An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.

Uime sin an neach a nì tàir, chan ann air duine a tha e a’ dèanamh tàir, ach air Dia, a thug dhuinn a Spiorad Naomh fhèin.

Uime sin irioslaichibh sibh fhèin fo làimh chumhachdaich Dhè, a‑chum is gun àrdaich e sibh ann an àm iomchaidh:

Agus bha aig balla na cathrach dà‑bhunait-dheug, agus anntasan ainmean dà‑abstol-dheug an Uain.

Don tì a bhuadhaicheas bheir mi comas suidhe maille riumsa air mo rìgh-chathair, amhail fòs a bhuadhaich mise, agus a shuidh mi maille rim Athair air a rìgh-chathair-san.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan