Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:47

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air do Iosa smuaintean an cridhe fhaicinn, ghabh e leanabh, agus chuir e làimh ris fhèin e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as.

Rannsaich mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi, agus tuig mo smuaintean;

Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais.

Ach nuair a thuig Iosa seo, dh’imich e as a sin: agus lean slòigh mhòra e, agus leighis e iad uile.

Agus air do Iosa an smuaintean fhaicinn, thubhairt e, Carson a tha sibh a’ smaoineachadh uilc nur cridheachan?

Ach air aithneachadh an smuaintean do Iosa, fhreagair e agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibh a’ reusonachadh nur cridheachan?

A‑nis tha fhios againn gur aithne dhut na h‑uile nithean, agus nach feum thu duine air bith a dh’fheòraich dhìot: air a shon seo tha sinn a’ creidsinn gur ann o Dhia a thàinig thu.

Agus nach robh feum aige neach air bith a dhèanamh fianais air duine: oir bha fhios aige ciod a bha anns an duine.

Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.

A bhràithrean, na bithibh-se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe.

Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan