Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:45

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha do thuig iadsan an còmhradh seo, agus bha e falaichte uapa air chor is nach b’aithne dhaibh e: agus bha eagal orra ceist a chur air mu thimcheall a’ chòmhraidh seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Peadar e, agus thòisich e air achmhasan a thabhairt dha, ag ràdh, Guma fada sin uatsa, a Thighearna: cha tachair sin dhutsa.

Agus am feadh a bha iad a’ fantainn ann an Galile, thubhairt Iosa riu, Bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan dhaoine:

Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh.

Ach cha do thuig iad a’ chainnt seo, agus bha eagal orra fheòraich dheth.

Agus cha do thuig iadsan aon nì dhiubh seo: agus bha na briathran seo falaichte orra, agus cha b’aithne dhaibh na nithean a chaidh a labhairt.

Agus cha do thuig iadsan an nì a labhair e riu.

An sin dh’èirich deasbaireachd eatorra, cò aca a bu mhò a bhiodh.

Cha do thuig a dheisciobail na nithean seo air tùs: ach nuair a ghlòraicheadh Iosa, an sin chuimhnich iad gu robh na nithean seo sgrìobhte uime, agus gun do rinn iad na nithean seo dha.

Fhreagair an sluagh e, Chuala sinne as an lagh gum fan Crìosd gu sìorraidh: agus cionnas a tha thusa ag ràdh gur èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?

Thubhairt Tòmas ris, A Thighearna, chan eil fhios againn càit a bheil thu a’ dol; agus cionnas a dh’fhaodas eòlas na slighe a bhith againn?

Uime sin thubhairt na deisciobail ri chèile, An tug neach air bith nì da ionnsaigh ra ithe?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan