Agus ghabh iad uamhas uile ri mòr-chumhachd Dhè. Ach air dhaibh uile a bhith a’ gabhail iongantais ris na h‑uile nithean a rinn Iosa, thubhairt e ra dheisciobail,
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Ma bhios e iongantach ann an sùilean iarmad an t‑sluaigh seo anns na làithean sin, am bi e iongantach ann am shùilean-sa fòs? deir Tighearna nan sluagh.
Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.
Agus thubhairt e riu, Càit a bheil ur creideamh? Agus air dhaibh a bhith fo eagal, ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Ciod a’ ghnè dhuine seo? Oir tha e a’ toirt àithne do na gaothan, agus don uisge fhèin, agus tha iad umhail dha.
Agus am feadh a bha e fhathast a’ teachd, thilg an deamhan sìos e, agus reub e e: agus chronaich Iosa an spiorad neòghlan, agus shlànaich e an leanabh, agus thug e da athair e.
Oir cha do lean sinne faoin-sgeulachdan a dhealbhadh gu h‑innleachdach, nuair a chuir sinn an cèill dhuibh cumhachd agus teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, ach rinneadh sinn nar sùil-fhianaisean air a mhòrachd-san.