Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus am feadh a bha e fhathast a’ teachd, thilg an deamhan sìos e, agus reub e e: agus chronaich Iosa an spiorad neòghlan, agus shlànaich e an leanabh, agus thug e da athair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ghlac Eliah an leanabh, agus thug e sìos e as an t‑seòmar uachdarach don taigh, agus thug e da mhàthair e: agus thubhairt Eliah, Feuch, tha do mhac beò.

Agus ghairm e air Gehasi, agus thubhairt e, Gairm air a’ bhan-Sunamaich seo. Agus ghairm esan oirre; agus nuair a thàinig i a‑steach da ionnsaigh, thubhairt esan, Tog leat do mhac.

Agus thug iad da ionnsaigh e: agus nuair a chunnaic e e, reub an spiorad air ball e; agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fhèin, agus a’ cur cobhair as a bheul.

Agus dh’èirich an duine a bha marbh na shuidhe, agus thòisich e air labhairt: agus thug e da mhàthair e.

Agus, feuch, tha spiorad a’ breith air, agus tha e gu h‑obann ag èigheach; agus tha e ga tharraing as a chèile, air chor is gu bheil e a’ cur cobhair a‑mach, agus an dèidh a cho-bhruthadh is gann a dh’fhàgas e e.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, O ghinealaich mhì-chreidmhich agus fhiair, cia fhad a bhios mi maille ribh, agus a dh’fhuilingeas mi sibh? Thoir an seo do mhac.

Agus ghabh iad uamhas uile ri mòr-chumhachd Dhè. Ach air dhaibh uile a bhith a’ gabhail iongantais ris na h‑uile nithean a rinn Iosa, thubhairt e ra dheisciobail,

Uime sin nuair a rinn iad iomramh timcheall còig no deich-ar‑fhichead de stàidean, chunnaic iad Iosa ag imeachd air a’ mhuir, agus a’ druideadh ris an luing; agus ghabh iad eagal.

Agus thug e a làmh dhi, agus thog e na seasamh i; agus nuair a ghairm e na naoimh agus na bantraichean, chuir e nan làthair beò i.

Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd-àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan