Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, O ghinealaich mhì-chreidmhich agus fhiair, cia fhad a bhios mi maille ribh, agus a dh’fhuilingeas mi sibh? Thoir an seo do mhac.
Agus nuair a chuala Elisa, an duine le Dia, gun do reub rìgh Israeil a aodach, chuir e fios a dh’ionnsaigh an rìgh, ag ràdh, Carson a reub thu d’aodach? Thigeadh e a‑nis am ionnsaigh-sa, agus bidh fhios aige gu bheil fàidh ann an Israel.
Agus nach biodh iad mar an athraichean, nan ginealach reasgach agus ceannairceach, ginealach nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus nach robh an spiorad tairis do Dhia.
Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cia fhad a bhrosnaicheas an sluagh seo mi? Agus cia fhad a bhitheas e mun creid iad mi, airson nan comharraidhean uile a nochd mi nam measg?
Cia fhad a ghiùlaineas mi leis an droch cho-chruinneachadh seo, a tha ri gearan am aghaidh? Chuala mi gearain chloinn Israeil, leis a bheil iad ri gearan am aghaidh.
Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Tha ginealach olc agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas.
Imichidh e an sin, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin, agus thèid iad a‑steach agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann eadhon mar sin a thachras don ghinealach aingidh seo.
Tha ginealach aingidh agus adhaltranach ag iarraidh comharraidh, agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh an fhàidh Iònas. Agus air dha am fàgail, dh’imich e as a sin.
Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, A ghinealaich neo-chreidmhich agus choirbte, cia fhad a dh’fhulaingeas mi sibh? Thugaibh am ionnsaigh-sa an seo e.
Ach nuair a chunnaic e mòran de na Pharasaich agus de na Sadusaich a’ teachd a‑chum a bhaistidh-san, thubhairt e riu, A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd?
Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè.
Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh.
Agus thubhairt e riu, Càit a bheil ur creideamh? Agus air dhaibh a bhith fo eagal, ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Ciod a’ ghnè dhuine seo? Oir tha e a’ toirt àithne do na gaothan, agus don uisge fhèin, agus tha iad umhail dha.
Agus am feadh a bha e fhathast a’ teachd, thilg an deamhan sìos e, agus reub e e: agus chronaich Iosa an spiorad neòghlan, agus shlànaich e an leanabh, agus thug e da athair e.
Thubhairt Iosa ris, A bheil mise ùine cho fada maille ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An tì a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair: agus cionnas a tha thu ag ràdh, Foillsich an t‑Athair dhuinn?
Na dhèidh sin thubhairt e ri Tòmas, Cuir an seo do mheur, agus feuch mo làmhan; agus sìn an seo do làmh, agus cuir am thaobh i: agus na bi mì‑chreidmheach, ach creidmheach.
No an dèan thu tarcais air saoibhreas a mhaitheis, agus a fhoighidinn, agus a fhad-fhulangais, gun fhios a bhith agad gu bheil maitheas Dhè gad threòrachadh a‑chum aithreachais?
Oir shearmonaicheadh an soisgeul dhuinne, amhail a rinneadh dhaibhsan: ach cha robh tairbhe dhaibhsan anns an fhacal a chaidh a shearmonachadh, do bhrìgh nach robh e air a mheasgadh le creideamh anns an dream a chuala e.
Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son.