Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ge bè air bith taigh don tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus à sin rachaibh a‑mach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus ge bè air bith cathair no baile don tèid sibh a‑steach, feòraichibh cò a tha na dheagh-airidh innte; agus fanaibh an sin gus am fàg sibh an t‑àite sin.

Agus thubhairt e riu, Ge bè ionad air bith anns an tèid sibh a‑steach do thaigh, an sin fanaibh gus am falbh sibh as an àite sin.

Agus thubhairt e riu, Na tugaibh nì air bith leibh a‑chum na slighe, bataichean, no màla, no aran, no airgead; cha mhò a bhios dà chòta aig gach fear agaibh.

Agus cò air bith iad nach gabh ribh, air dhuibh dol a‑mach as a’ bhaile sin, crathaibh dhibh eadhon an duslach o ur casan mar fhianais nan aghaidh.

Agus nuair a bhaisteadh i, agus a teaghlach, ghuidh i oirnn, ag ràdh, Ma mheas sibh mise a bhith dìleas don Tighearna, thigibh a‑steach dom thaigh, agus dèanaibh còmhnaidh ann. Agus cho-èignich i sinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan