Agus thubhairt sinne rim thighearna, Tha athair againn, seann duine, agus leanabh a sheann aoise, maothran: agus tha a bhràthair marbh, agus dh’fhàgadh esan na aonar de chloinn a mhàthar, agus tha gràdh aig a athair air.
Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.
Agus, feuch, thàinig bean de mhuinntir Chanàain o na crìochan sin, agus ghlaodh i ris, ag ràdh, Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean air a buaireadh gu truagh le deamhan.
A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.
Agus, feuch, tha spiorad a’ breith air, agus tha e gu h‑obann ag èigheach; agus tha e ga tharraing as a chèile, air chor is gu bheil e a’ cur cobhair a‑mach, agus an dèidh a cho-bhruthadh is gann a dh’fhàgas e e.
Nuair a chuala esan gu robh Iosa air teachd à Iudèa do Ghalile, chaidh e da ionnsaigh, agus ghuidh e air gun rachadh e sìos, agus gun slànaicheadh e a mhac: oir bha e ri uchd bàis.