Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa; èisdibh ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.

Feuch, mo sheirbhiseach a thagh mi; m’aon gràdhach anns a bheil tlachd aig m’anam: cuiridh mi mo Spiorad air, agus nochdaidh e breitheanas do na Cinnich.

Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Am feadh a bha e ag ràdh seo, thàinig neul, agus chuir e sgàil orra: agus ghabh iad eagal nuair a bha iad a’ dol a‑steach anns an neul.

Athair, glòraich d’ainm. An sin thàinig guth o nèamh, ag ràdh, Ghlòraich mi araon e, agus glòraichidh mi a‑rìs e.

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;

Am feadh a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh.

Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan