Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.
Air an adhbhar sin dh’fhàgadh mise ann am aonar, agus chunnaic mi an sealladh mòr seo, agus cha d’fhan cumhachd air bith annam, oir dh’atharraicheadh annam mo mhaise gu duaichneachd, agus cha do mhair neart annam.
Agus nuair a bha iadsan a’ dealachadh ris, thubhairt Peadar ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo; agus dèanamaid trì pàilleanan, aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon do Elias; gun fhios aige ciod a bha e ag ràdh.
Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi sìos aig a chasan an riochd mairbh: agus chuir e a làmh dheas orm, ag ràdh rium, Na biodh eagal ort: is mise an ciad neach agus an neach deireannach.
Agus nuair a thuig Gideon gum b’e aingeal an Tighearna a bha ann, thubhairt Gideon, Och, a Thighearna Dhè! a chionn gum faca mi aingeal an Tighearna aghaidh ri aghaidh.