Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha iadsan a’ dealachadh ris, thubhairt Peadar ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo; agus dèanamaid trì pàilleanan, aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon do Elias; gun fhios aige ciod a bha e ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;

Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile.

Agus nuair a thàinig iad a‑chum an t‑sluaigh, thàinig duine àraidh da ionnsaigh, a’ tuiteam air a ghlùinean dha, agus ag ràdh,

An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, is math dhuinne a bhith an seo: mas àill leatsa, dèanamaid trì pàilleanan an seo: aon dhutsa, aon do Mhaois, agus aon do Elias.

Agus thubhairt Iosa riu, Chan aithne dhuibh ciod a tha sibh ag iarraidh: a bheil sibh comasach air a’ chupan òl a dh’òlas mise? Agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise?

Agus fhreagair Sìmon, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, shaothraich sinn feadh na h‑oidhche uile, agus cha do ghlac sinn nì sam bith: ach air d’fhacal-sa leigidh mi sìos an lìon.

Am feadh a bha e ag ràdh seo, thàinig neul, agus chuir e sgàil orra: agus ghabh iad eagal nuair a bha iad a’ dol a‑steach anns an neul.

Agus fhreagair Eòin, agus thubhairt e, A Mhaighistir, chunnaic sinne duine àraidh a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm-sa; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn-ne.

Thubhairt Philip ris, A Thighearna foillsich an t‑Athair dhuinne, agus is leòr leinn e.

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan