Ag ràdh, gur èiginn do Mhac an Duine mòran fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air a thogail suas air an treas là.
Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.
A chruth-atharraicheas ar corp dìblidh, a‑chum gun dèanar e co‑chosmhail ra chorp glòrmhor fhèin, a rèir a obrachaidh leis a bheil e comasach air na h‑uile nithean a chur fo a cheannsal fhèin.
Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:
Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.