Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, bha dithis fhear a’ còmhradh ris, eadhon Maois agus Elias,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thèid e roimhesan ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliais, a thionndadh cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus nan eas-umhail gu gliocas nam fìrean, a dh’ullachadh pobaill deas don Tighearna.

Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar-mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.

Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.

Fhreagair iadsan agus thubhairt iad, Eòin Baistidh: ach tha cuid ag ràdh Elias: agus cuid eile gu bheil aon de na seann fhàidhean air èirigh a‑rìs.

Agus nuair a bha e ri ùrnaigh, bha dreach a ghnùise air atharrachadh, agus rinneadh a aodach geal agus dealrach.

A nochdadh ann an glòir, agus a bha a’ labhairt ma bhàs, a bha esan gus a choileanadh ann an Ierusalem.

Oir thugadh an lagh le Maois, ach thàinig an gràs agus an fhìrinn le Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan