Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Na tugaibh nì air bith leibh a‑chum na slighe, bataichean, no màla, no aran, no airgead; cha mhò a bhios dà chòta aig gach fear agaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Earb thusa as an Tighearna, agus dèan math; mar sin gabhaidh tu còmhnaidh anns an tìr, agus beathaichear thu gu cinnteach.

Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear-dheug, agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan;

Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.

Agus ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh an fheòir, a tha an‑diugh anns a’ mhachair, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mòr as mò a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creidimh?

Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil dà chòta, roinneadh e ris an tì aig nach eil; agus an tì aig a bheil biadh, dèanadh e mar an ceudna.

Agus rinn Lèbhi fèisd mhòr dha na thaigh fhèin: agus bha cuideachd mhòr de chìs-mhaoir, agus de mhuinntir eile a shuidh maille riu.

Agus ge bè air bith taigh don tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus à sin rachaibh a‑mach.

Cha dèan neach sam bith a leanas an cogadh e fhèin a ribeadh ann an gnothaichean na beatha seo: a‑chum gun toilich e an tì a thagh e gu bhith na shaighdear.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan