Agus thàrladh, mu thimcheall ochd làithean an dèidh nam briathran seo, gun tug e leis Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus gun deachaidh e suas gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.
Agus nuair a leig e an sluagh uaithe, chaidh e suas air beinn na aonar a dhèanamh ùrnaigh: agus nuair a bha am feasgar air teachd, bha e an sin na aonar.
Agus thàrladh, nuair a bha an sluagh uile air am baisteadh, air do Iosa mar an ceudna a bhith air a bhaisteadh, agus e ri ùrnaigh, gun d’fhosgladh nèamh,
Agus nuair a chaidh e don taigh, cha do leig e le neach air bith dol a‑steach, ach Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus athair agus màthair na nighinn.
Agus thàrladh, air dha a bhith ri ùrnaigh fa leth, gu robh a dheisciobail maille ris: agus dh’fheòraich e dhiubh, ag ràdh, Cò a tha an sluagh ag ràdh as mise?
Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.
Oir cha do lean sinne faoin-sgeulachdan a dhealbhadh gu h‑innleachdach, nuair a chuir sinn an cèill dhuibh cumhachd agus teachd ar Tighearna Iosa Crìosd, ach rinneadh sinn nar sùil-fhianaisean air a mhòrachd-san.