Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran, gabhaidh Mac an Duine nàire dhethsan, nuair a thig e na ghlòir fhèin, agus an glòir Athar, agus nan ainglean naomha.
Tha e air a dhìmeas, agus air a chur air chùl le daoine; na dhuine dhoilgheasan, agus eòlach air bròn; agus mar neach a dh’fhalaicheas a aghaidh uainn, tha e air a dhìmeas, agus chan eil suim againn dheth.
Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.
Thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu: gidheadh tha mi ag ràdh ribh, Na dhèidh seo chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè, agus a’ teachd air neòil nèimh.
Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran anns a’ ghinealach adhaltranach agus olc seo, dhethsan gabhaidh Mac an Duine nàire, nuair a thig e ann an glòir a Athar, maille ris na h‑ainglean naomha.
Agus thubhairt iadsan, Fhuair Cornelius an ceannard-ceud, duine cothromach air a bheil eagal Dhè, agus fo dheagh ainm aig cinneach nan Iùdhach uile, rabhabh o Dhia le aingeal naomh, fios a chur ortsa da thaigh, agus briathran a chluinntinn uat.
Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach.
Uime sin tha mi a’ gabhail tlachd ann an anfhainneachdan, ann am masladh, ann an uireasbhaidhean, ann an geur-leanmhainnean, ann an teanntachdan airson Chrìosd: oir nuair a tha mi lag, an sin tha mi làidir.
Ach nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa uaill ach ann an crann-ceusaidh ar Tighearna Iosa Crìosd, tre a bheil an saoghal air a cheusadh dhòmhsa, agus mise don t‑saoghal.
Tha mi a’ sparradh ort ann am fianais Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, agus nan aingeal taghte, gun coimhead thu na nithean seo, gun aon a chur ro neach eile, gun nì air bith a dhèanamh le claon-bhreith.
An t‑adhbhar airson a bheil mi mar an ceudna a’ fulang nan nithean seo: gidheadh chan eil nàire orm: oir tha fhios agam cò ann a chreid mi, agus is dearbh leam gu bheil esan comasach air an nì sin a dh’earb mi ris a choimhead fa chomhair an là sin.
Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadaireachd umpa seo, ag ràdh, Feuch, tha an Tighearna a’ teachd le deich mìle de a naoimh,
Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.
Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.
Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.
An tì a bheir buaidh, sgeadaichear e ann an aodach geal; agus cha dubh mi a‑mach a ainm à leabhar na beatha, ach aidichidh mi a ainm-san am fianais m’Athar, agus am fianais a ainglean.