Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus e fhèin a chall, no a bhith air a sgrios?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus air dha a bhith làn, tharraing na h‑iasgairean e a‑chum na tràighe, agus air suidhe dhaibh, chruinnich iad na h‑èisg mhatha ann an soithichean, ach thilg iad na droch èisg a‑mach.

Agus tilgidh iad iad anns an àmhainn theinntich: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.

Oir ciod an tairbhe a tha ann do dhuine, ged chosnadh e an saoghal uile, agus a anam fhèin a chall? No ciod a’ mhalairt a bheir duine airson a anama?

Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus a anam a chall?

A‑nis cheannaich am fear seo fearann le duais na h‑eucoir; agus air dha tuiteam sìos air a aghaidh, sgàin e anns a’ mheadhon, agus bhrùchd a mhionach uile a‑mach.

A ghabhail cuibhrinn den fhrithealadh agus den abstolachd seo, on do thuit Iùdas le seachran, gu dol da àite fhèin.

Ach tha mi a’ trom-bhualadh mo chuirp, agus ga chur fo smachd: air eagal air chor sam bith an dèidh dhomh searmonachadh do dhream eile, gun cuirear mi fhèin air cùl.

Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan