Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ge bè neach lem b’àill a anam a thèarnadh, caillidh e e: ach ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth-sa, saoraidh esan e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Am gu cosnadh, agus àm gu call; àm gu gleidheadh, agus àm gu tilgeadh air falbh;

An tì a gheibh a anam, caillidh e e: ach an tì a chailleas a anam air mo shon-sa, gheibh e e.

Ge bè neach a dh’iarras a bheatha fhèin a thèarnadh, caillidh e i; agus ge bè neach a chailleas a bheatha, gleidhidh esan i.

Esan a ghràdhaicheas a anam; caillidh e e; agus esan a dh’fhuathaicheas a anam anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e e a‑chum na beatha maireannaich.

Fhuair mnathan am mairbh air an togail a‑rìs gu beatha: agus chràidh-phianadh dream eile, gun iad a ghabhail ri saorsa; a‑chum gum faigheadh iad aiseirigh a b’fheàrr.

Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais-san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs.

Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan