Agus thàrladh, air dha a bhith ri ùrnaigh fa leth, gu robh a dheisciobail maille ris: agus dh’fheòraich e dhiubh, ag ràdh, Cò a tha an sluagh ag ràdh as mise?
Agus nuair a leig e an sluagh uaithe, chaidh e suas air beinn na aonar a dhèanamh ùrnaigh: agus nuair a bha am feasgar air teachd, bha e an sin na aonar.
An sin thàinig Iosa maille riu gu ionad den goirear Getsemane, agus thubhairt e ris na deisciobail, Suidhibh-se an seo gus an tèid mise a dhèanamh ùrnaigh an siud.
Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.
Agus thàrladh, nuair a bha an sluagh uile air am baisteadh, air do Iosa mar an ceudna a bhith air a bhaisteadh, agus e ri ùrnaigh, gun d’fhosgladh nèamh,
Agus thàrladh, mu thimcheall ochd làithean an dèidh nam briathran seo, gun tug e leis Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus gun deachaidh e suas gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.