Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air tilleadh do na h‑Abstoil, dh’innis iad dha gach nì a rinn iad. Agus thug e leis iad, agus chaidh e fa leth gu àite fàsail, a bhuineadh don bhaile den goirear Betsaida.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair am fear a bha na sheasamh am measg nan craobhan miortail, agus thubhairt e, Seo iadsan a chuir an Tighearna gu siubhal sìos agus suas air feadh na talmhainn.

Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin; is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida: oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fada on a rinn iad aithreachas ann an sac-aodach agus an luaithre.

Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?

Agus thill an deichnear agus an trì-fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm-sa.

A‑nis bha Philip o Bhetsaida, baile Anndrais agus Pheadair.

Bithibh umhail dur cinn-iùil, agus thugaibh gèill dhaibh: oir tha iad ri faire air ur n‑anaman, mar mhuinntir don èiginn cunntas a thoirt uapa, a‑chum gun dèan iad e le gàirdeachas, agus chan ann le doilgheas: oir tha seo neo-thairbheach dhuibhse.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan