Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 9:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm e an dà‑fhear-dheug an ceann a chèile, agus thug e cumhachd agus ùghdarras dhaibh air na h‑uile dheamhain, agus a‑chum easlaintean a leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh: agus ge bè nì a cheanglas tusa air talamh, bidh e ceangailte air nèamh; agus ge bè nì a dh’fhuasglas tusa air talamh, bidh e fuasgailte air nèamh.

Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.

Oir is duine mise fhèin a tha fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham: agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e: agus ris an fhear seo eile, Thig, agus thig e: agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.

An dèidh nan nithean sin, dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus trì-fichead eile, agus chuir e a lìon dithis agus dithis ro a ghnùis iad, do gach baile, agus àit, gus an robh e fhèin gu teachd.

Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam-sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.

Ach gheibh sibh cumhachd nuair a thig an Spiorad Naomh oirbh: agus bidh sibh nur fianaisean dhòmhsa, araon ann an Ierusalem, agus ann an Iudèa uile, agus ann an Samaria, agus gu iomall na talmhainn.

Agus tre chreideamh na ainm neartaich e an tì seo, a tha sibhse a’ faicinn, agus as aithne dhuibh: seadh, thug a ainm-san agus an creideamh a tha trìd-san, dhàsan an t‑slàinte iomlan seo nur làthair-se uile.

Led làmh a shìneadh a‑mach a‑chum leighis: agus gum bi comharraidhean agus mìorbhailean air an dèanamh tre ainm do leinibh naoimh Iosa.

Agus thubhairt Peadar ris, Eneais, tha Iosa Crìosd gad leigheas: èirich agus dèan do leabaidh. Agus air ball dh’èirich e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan