Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:54

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air dha an cur a‑mach uile, ghlac e air làimh i, agus ghlaodh e, ag ràdh, A nighean, èirich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear-pòsda dhaibh, deir an Tighearna:

Ach nuair a chuireadh a’ chuideachd a‑mach, chaidh e a‑steach, agus rug e air làimh oirre, agus dh’èirich an nìonag.

Agus thàinig esan agus thog e i, a’ breith air làimh oirre: agus air ball dh’fhàg am fiabhras i, agus fhritheil i dhaibh.

Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith.

Ach air do Iosa a ghlacadh air làimh, thog e suas e, agus dh’èirich e.

Agus nuair a chaidh e don taigh, cha do leig e le neach air bith dol a‑steach, ach Peadar, agus Eòin, agus Seumas, agus athair agus màthair na nighinn.

Agus rinn iad gàire fanaid ris, do bhrìgh gu robh fhios aca gu robh i marbh.

Agus thàinig a spiorad air ais, agus dh’èirich i air ball; agus dh’àithn e biadh a thoirt dhi.

Agus nuair a labhair e na nithean seo, ghlaodh e le guth mòr, A Làsarais, thig a‑mach.

Oir mar tha an t‑Athair a’ dùsgadh, agus a’ beothachadh nam marbh, is amhail sin a tha am Mac a’ beothachadh an dream as àill leis.

Ach air do Pheadar an cur a‑mach uile, leig e e fhèin air a ghlùinean agus rinn e ùrnaigh; agus air dha tionndadh ris a’ chorp, thubhairt e, A Thabita, èirich. Agus dh’fhosgail ise a sùilean: agus air dhi Peadar fhaicinn, dh’èirich i na suidhe.

(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair-san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan