Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig neach o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh ris, Tha do nighean marbh; na cuir dragh air a’ Mhaighistir.
Nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, feuch, thàinig uachdaran àraidh, agus thug e adhradh dha, ag ràdh, Fhuair mo nighean bàs air ball: ach thig-sa, agus cuir do làmh oirre, agus bidh i beò.
Agus gum freagair esan on taobh a‑staigh agus gun abair e, Na cuir dragh orm: tha an doras a‑nis air a dhùnadh, agus tha mo chlann maille rium anns an leabaidh; chan fhaigh mi èirigh agus an toirt dhut.
Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard-ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith: