Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:47

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic a’ bhean nach robh i an an‑fhios, thàinig i air chrith, agus a’ sleuchdadh dha, chuir i an cèill dha, an làthair an t‑sluaigh uile, carson a bhean i ris, agus mar a shlànaicheadh i gu grad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal, agus dèanaibh gàirdeachas le ball-chrith.

A Thighearna, tha mo mhiann uile ad làthair, agus chan eil m’osnaich falaichte ort.

Thigibh, èisdibh, sibhse uile air a bheil eagal Dhè, agus cuiridh mi an cèill na rinn e airson m’anama.

Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

Nuair a labhair Ephraim le crith, dh’àrdaich e e fhèin ann an Israel; ach nuair a chiontaich e ann am Bàal, bhàsaich e.

Is aithne dhòmhsa Ephraim, agus Israel chan eil am falach orm: oir a‑nis rinn Ephraim strìopachas; tha Israel air a thruailleadh.

Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.

Agus dh’imich iad gu luath on uaigh, le eagal agus mòr-ghàirdeachas, agus ruith iad a dh’innse da dheisciobail.

Ach air don mhnaoi a bhith fo eagal agus air chrith, air aithneachadh an nì a rinneadh innte, thàinig i, agus leig i i fhèin sìos na làthair, agus dh’innis i an fhìrinn uile dha.

Agus thubhairt Iosa, Bhean neach-eigin rium: oir mhothaich mi cumhachd a’ dol asam.

Agus thubhairt esan rithe, A nighean, biodh misneach agad: shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.)

Agus air gairm solais dhàsan, leum e a‑steach, agus thàinig e air chrith, agus thuit e sìos an làthair Phòil agus Shilais;

Agus bha mi nur measg ann an anfhainneachd agus ann an eagal, agus ann am mòr-chrith.

Agus tha dùrachd a chridhe-san nas pailte dur taobh-se, air dha a bhith a’ cuimhneachadh ur n‑ùmhlachd uile, mar a ghabh sibh ris le eagal agus ball-chrith.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith:

Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:

Agus rinn Samuel an nì sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnaich seanairean a’ bhaile ra theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu a’ teachd?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan