Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig bean air an robh dòrtadh fala dà‑bhliadhna-dheug, agus a chaith a beathachadh uile ri lèighean, agus nach b’urrainn a bhith air a leigheas le neach air bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàs eucail air Asa na chasan anns an naoidheamh-bliadhna-deug ar fhichead de a rìoghachadh, gus an tàinig a eucail gu àirde mhòir: gidheadh na eucail cha d’iarr e an Tighearna, ach na lighichean.

Oir is luchd-cumaidh bhreug sibhse, lèighean nach fiù sibh uile.

Thoir còmhnaidh dhuinn ann an airc, oir is dìomhain furtachd duine.

Leigibh dhibh ur dùil ri duine, aig a bheil a anail na chuinneanan; oir ciod am fàth mun gabhar meas dheth?

Oir thilg iadsan uile ann dem mòr-phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.

Agus ge bè ionad sam bith anns an glac e e, tha e ga tharraing as a chèile; agus tha e a’ cur cobhair as a bheul, agus a’ gìosgarnaich le fhiaclan, agus tha e a’ seargadh as: agus thubhairt mi rid dheisciobail, iad ga chur a‑mach, agus cha b’urrainn iad.

Agus, feuch, bha bean àraidh an làthair aig an robh spiorad anfhainneachd rè ochd-bliadhna-deug, agus bha i air a cromadh ri chèile, agus gun chomas aice air chor sam bith i fhèin a dhìreachadh.

Agus nach bu chòir a’ bhean seo, a tha na nighinn do Abrahàm, a cheangail Sàtan a‑nis rè ochd-bliadhna-deug, a bhith air a fuasgladh on chuibhreach seo air là na sàbaid?

Agus nuair a chaidh e a‑mach air tìr, choinnich duine àraidh as a’ bhaile e, anns an robh deamhain rè aimsir fhada, agus aig nach biodh aodach uime, agus nach fanadh ann an taigh, ach anns na h‑àitean-adhlaic.

Do bhrìgh gu robh aon-ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna-dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh.

Thàinig ise air a chùlaibh, agus bhean i ri iomall a aodaich: agus sguir a dòrtadh fala air ball.

Agus nuair a ghabh Iosa seachad, chunnaic e duine a bha dall o rugadh e.

Ach cionnas a tha e nis a’ faicinn, chan eil fhios againn; no cò a dh’fhosgail a shùilean, chan aithne dhuinn: tha e fhèin air teachd gu aois, feòraichibh dheth, labhraidh e air a shon fhèin.

Agus bha duine àraidh a bha na bhacach o bhroinn a mhàthar air a ghiùlan, neach a chuireadh gach là aig doras sin an teampaill ris an abrar Sgiamhach, a dh’iarraidh dèirce orrasan a bha a’ dol a‑steach don teampall:

Oir bha an duine air an do rinneadh am mìorbhail leighis seo tuilleadh is dà‑fhichead bliadhna a dh’aois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan