Do bhrìgh gu robh aon-ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna-dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh.
Oir cò aig a bheil fhios ciod a tha math do dhuine anns a’ bheatha seo, rè uile làithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàil? Oir cò as urrainn innse do dhuine ciod a bhios na dhèidh fon ghrèin?
Mar an ceudna, a mhic an duine, nach tachair e anns an là anns am buin mise uapa an neart, aoibhneas an glòire, miann an sùl, agus an nì sin air an suidhich iad an inntinn, am mic, agus an nigheanan;
Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.
A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.
Agus, feuch, thàinig duine dom b’ainm Iàirus, a bha na uachdaran air an t‑sionagog; agus thuit e aig casan Iosa, agus ghuidh e air gun tigeadh e da thaigh:
Agus thàinig bean air an robh dòrtadh fala dà‑bhliadhna-dheug, agus a chaith a beathachadh uile ri lèighean, agus nach b’urrainn a bhith air a leigheas le neach air bith.
Agus thubhairt Iosa, Cò a bhean rium? Air àicheadh do na h‑uile, thubhairt Peadar ris, agus iadsan a bha maille ris, A Mhaighistir, tha an sluagh gad dhùmhlachadh agus gad theannadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?
Uime sin mar a thàinig peacadh a‑steach don t‑saoghal tre aon duine, agus bàs tre an pheacadh; mar sin mar an ceudna thàinig bàs air na h‑uile dhaoine, do bhrìgh gun do pheacaich iad uile.