Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus, feuch, thàinig duine dom b’ainm Iàirus, a bha na uachdaran air an t‑sionagog; agus thuit e aig casan Iosa, agus ghuidh e air gun tigeadh e da thaigh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.

Agus thuit e air a aghaidh aig a chasan-san, a’ toirt buidheachais dha: agus bu Shamaritanach e.

Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi.

Do bhrìgh gu robh aon-ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna-dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh.

Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig neach o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh ris, Tha do nighean marbh; na cuir dragh air a’ Mhaighistir.

An sin thubhairt Marta ri Iosa, A Thighearna, nam biodh tusa an seo, chan fhaigheadh mo bhràthair bàs.

Agus an dèidh leughadh an lagha agus nam Fàidhean, chuir uachdarain an t‑sionagoig dan ionnsaigh, ag ràdh, Fheara agus a bhràithrean, ma tha facal earail agaibh don t‑sluagh, abraibh e.

An sin rug na Greugaich uile air Sostenes, uachdaran an t‑sionagoig, agus ghabh iad air an làthair cathair a’ bhreitheanais: agus cha do ghabh Galio suim de nì sam bith dhiubh sin.

Agus chreid Crispus, prìomh-uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.

Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil.

Agus nuair a ghlac e an leabhar, thuit na ceithir beò-chreutairean, agus na ceithir-seanairean-fichead, sìos an làthair an Uain, agus aig gach aon dhiubh clàrsaichean, agus tùis-shoithichean òir làn tùise, nì as e ùrnaighean nan naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan