Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.
Till dod thaigh fhèin, agus cuir an cèill meud nan nithean a rinn Dia dhut. Agus dh’imich e roimhe, ag innse gu follaiseach, air feadh a’ bhaile uile, meud nan nithean a rinn Iosa dha.
Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia.