Till dod thaigh fhèin, agus cuir an cèill meud nan nithean a rinn Dia dhut. Agus dh’imich e roimhe, ag innse gu follaiseach, air feadh a’ bhaile uile, meud nan nithean a rinn Iosa dha.
Agus air dhàsan dol a‑mach, thòisich e air innse gu ro‑fhollaiseach, agus air a’ chùis a sgaoileadh mun cuairt, air chor is nach faodadh Iosa dol tuilleadh gu follaiseach a‑steach don bhaile; ach bha e a‑muigh ann an àitean uaigneach: agus thàinig iad da ionnsaigh as gach àird.
Gidheadh cha do leig Iosa leis, ach thubhairt e ris, Imich dhachaidh a dh’ionnsaigh do mhuinntir, agus innis dhaibh meud nan nithean a rinn an Tighearna dhut, agus gun do rinn e tròcair ort.
Ach mura dèan duine solar airson a chuideachd fhèin, agus gu h‑àraidh airson muinntir a theaghlaich, dh’àich e an creideamh, agus is miosa e na ana-creidmheach.