Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin dh’iarr muinntir dùthaich nan Gadarèneach uile airsan imeachd uapa; oir ghlacadh le eagal mòr iad: agus chaidh e anns an luing, agus thill e air ais a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt i ri Eliah, Ciod e mo ghnothach-sa riut, a dhuine le Dia? An tàinig thu am ionnsaigh a chur mo pheacaidh an cuimhne, agus a mharbhadh mo mhic?

Agus, feuch, chaidh am baile uile a‑mach a choinneachadh Iosa; agus nuair a chunnaic iad e, ghuidh iad air imeachd as an crìochan-san.

Agus thòisich iad ri guidhe air imeachd a‑mach as an crìochan.

Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.

Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo thuit e sìos aig glùinean Iosa, ag ràdh, Imich uamsa, a Thighearna, oir is duine peacach mi.

Nuair a chunnaic e Iosa, ghlaodh e a‑mach, agus thuit e sìos na làthair, agus thubhairt e le guth àrd, Ciod e mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Guidheam ort, na pian mi.

Agus dh’innis an dream a chunnaic e dhaibh, cionnas a shlànaicheadh an duine anns an robh na deamhain.

A‑nis ghuidh an duine as an deachaidh na deamhain air e fhèin a bhith maille ris: ach chuir Iosa uaithe e, ag ràdh,

Agus cò air bith iad nach gabh ribh, air dhuibh dol a‑mach as a’ bhaile sin, crathaibh dhibh eadhon an duslach o ur casan mar fhianais nan aghaidh.

Oir cha tàinig Mac an Duine a sgrios anaman dhaoine, ach gan tèarnadh. Agus chaidh iad gu baile eile.

Agus thàinig iad agus chuir iad impidh orra, agus air dhaibh an toirt a‑mach, ghuidh iad orra imeachd a‑mach as a’ bhaile.

A‑nis uime sin carson a gheibheamaid bàs? Oir loisgidh an teine mòr seo sinn. Ma chluinneas sinn guth an Tighearna ar Dia tuilleadh, an sin bàsaichidh sinn.

Agus thubhairt daoine Bhet-semeis, Cò as urrainn seasamh an làthair an Tighearna, an Dia naomh seo? Agus cò a dh’ionnsaigh an tèid i suas uainne?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan