Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic an dream a bha gam biadhadh an nì a rinneadh, theich iad, agus dh’innis iad e anns a’ bhaile, agus anns an dùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha iadsan ag imeachd, feuch, thàinig cuid den luchd-faire don bhaile, agus nochd iad do na h‑àrd-shagartan gach nì a thachair.

Agus theich na buachaillean, agus chaidh iad don bhaile, agus dh’innis iad na nithean seo uile, agus na thachair dhaibhsan anns an robh na deamhain.

Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair.

An sin air dol do na deamhain a‑mach as an duine, chaidh iad anns na mucan: agus ruith an treud mhuc gu dian sìos le bruthach don loch, agus thachdadh iad.

Agus chaidh iadsan a‑mach a dh’fhaicinn an nì a rinneadh; agus thàinig iad gu Iosa, agus fhuair iad an duine as an deachaidh na deamhain na shuidhe aig casan Iosa, air èideadh, agus e na chèill: agus ghabh iad eagal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan