Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin air dol do na deamhain a‑mach as an duine, chaidh iad anns na mucan: agus ruith an treud mhuc gu dian sìos le bruthach don loch, agus thachdadh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e riu, Imichibh. Agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad anns an treud mhuc: agus, feuch, ruith an treud mhuc uile gu dian sìos air ionad corrach don fhairge; agus chailleadh anns na h‑uisgeachan iad.

Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth-theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,

Agus bha treud lìonmhor mhuc an sin, ag ionaltradh air an t‑sliabh: agus ghuidh iad air cead a thoirt dhaibh dol a‑steach annta. Agus thug e cead dhaibh.

Agus nuair a chunnaic an dream a bha gam biadhadh an nì a rinneadh, theich iad, agus dh’innis iad e anns a’ bhaile, agus anns an dùthaich.

Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh-aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan