Agus chaidh a chliù air feadh Shiria uile, agus thug iad da ionnsaigh iadsan uile a bha easlan, agus a bha air an cuibhreachadh le galaran, agus iomadh gnè phiantan, agus iadsan aig an robh deamhain annta, agus air an robh an tuiteamach, agus luchd-pairilis; agus shlànaich e iad.
(Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.)