Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir bha e air toirt àithne don spiorad neòghlan dol a‑mach as an duine. Oir bu tric a rug e gu naimhdeil air: agus cheangladh e le slabhraidhean, agus choimheadadh an gèimhlean e; agus air briseadh a chuibhreach dha, dh’iomaineadh e leis an deamhan don fhàsach.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

(Oir thubhairt e ris, Thig a‑mach as an duine, a spioraid neòghlain.)

Nuair a chunnaic e Iosa, ghlaodh e a‑mach, agus thuit e sìos na làthair, agus thubhairt e le guth àrd, Ciod e mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Guidheam ort, na pian mi.

Agus dh’fheòraich Iosa dheth, ag ràdh, Ciod as ainm dhut? Agus thubhairt esan, Lègion: do bhrìgh gun deachaidh mòran dheamhan a‑steach ann.

Agus, feuch, tha spiorad a’ breith air, agus tha e gu h‑obann ag èigheach; agus tha e ga tharraing as a chèile, air chor is gu bheil e a’ cur cobhair a‑mach, agus an dèidh a cho-bhruthadh is gann a dh’fhàgas e e.

Agus am feadh a bha e fhathast a’ teachd, thilg an deamhan sìos e, agus reub e e: agus chronaich Iosa an spiorad neòghlan, agus shlànaich e an leanabh, agus thug e da athair e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan