Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Càit a bheil ur creideamh? Agus air dhaibh a bhith fo eagal, ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Ciod a’ ghnè dhuine seo? Oir tha e a’ toirt àithne do na gaothan, agus don uisge fhèin, agus tha iad umhail dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?

Nuair a thug e a reachd don fhairge, nach rachadh na h‑uisgeachan thar a aithne; nuair a shuidhich e bunaitean na talmhainn;

Agus air ball shìn Iosa a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thubhairt e ris, O thusa air bheag creidimh, carson a bha thu fo amharas?

Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh.

Air an adhbhar sin, ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh feur na machrach a tha an‑diugh ann, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mò na sin a sgeadaicheas e sibhse, a dhaoine air bheag creidimh?

Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.

Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann.

Agus thubhairt e riu air an là sin fhèin, air teachd don fheasgar, Rachamaid thairis gus an taobh eile.

Agus ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh an fheòir, a tha an‑diugh anns a’ mhachair, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mòr as mò a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creidimh?

Agus thàinig iad da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Mhaighistir, a Mhaighistir, tha sinn caillte! An sin dh’èirich esan, agus chronaich e a’ ghaoth, agus onfhadh an uisge: agus sguir iad, agus thàinig fiath ann.

Agus thàinig iad air tìr aig dùthaich nan Gadarèneach, a tha thall fa chomhair Ghalile.

Thubhairt Iosa rithe, Nach dubhairt mi riut, ma chreideas tu, gum faic thu glòir Dhè?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan