Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach a’ seòladh dhaibh, thuit cadal airsan: agus thàinig ànradh gaoithe a‑nuas air an loch, agus lìonadh iad le uisge, agus bha iad ann an gàbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Teine agus clach-shneachda; sneachd agus ceò; gaoth dhoineannach a’ coileanadh a fhacail;

Mosgail! Carson a chaidleas tu, a Thighearna? Dùisg; na tilg sinn uat gu bràth.

O thusa a tha ainniseach, air do luasgadh leis an doininn, agus gun chomhfhurtachd agad; feuch leagaidh mi do chlachan ann an dath sgiamhach, agus suidhichidh mi do bhunaitean le clachan saphir.

Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth-theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,

Agus thàrladh air là àraidh gun deachaidh e fhèin agus a dheisciobail a‑steach do luing: agus thubhairt e riu, Rachamaid thairis gu taobh thall an loch. Agus chuir iad a‑mach o thìr.

Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.

Agus carson a tha sinne an gàbhadh gach uair?

Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan