Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh air là àraidh gun deachaidh e fhèin agus a dheisciobail a‑steach do luing: agus thubhairt e riu, Rachamaid thairis gu taobh thall an loch. Agus chuir iad a‑mach o thìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus air ball cho-èignich Iosa a dheisciobail gu dol an luing, agus dol roimhe a‑chum an taoibh eile, gus an cuireadh esan an sluagh air falbh.

Agus nuair a chunnaic Iosa sluagh mòr ma thimcheall, dh’àithn e dol as a sin don taobh eile.

Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir.

Agus air ball cho-èignich e a dheisciobail gu dol anns an luing, agus dol roimhe a dh’ionnsaigh an taoibh thall gu Betsaida, gus an cuireadh e an sluagh air falbh.

Agus dh’fhàg e iad, agus air dha dol a‑steach don luing a‑rìs, chaidh e a‑chum an taoibh eile.

Agus thàrladh, nuair a bha am poball a’ dlùth-theannadh air a‑chum facal Dhè èisdeachd, gun do sheas e làimh ri loch Ghenesaret,

Ach a’ seòladh dhaibh, thuit cadal airsan: agus thàinig ànradh gaoithe a‑nuas air an loch, agus lìonadh iad le uisge, agus bha iad ann an gàbhadh.

An sin air dol do na deamhain a‑mach as an duine, chaidh iad anns na mucan: agus ruith an treud mhuc gu dian sìos le bruthach don loch, agus thachdadh iad.

Na dhèidh sin chaidh Iosa thar muir Ghalile, no Thiberiais.

Agus air dhuinn dol air luing le Adramitium, thog sinn ar siùil, a’ cur romhainn seòladh seachad air crìochan na h‑Asia, air do Aristarchus, Macedònach o Thesalonìca, a bhith maille rinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan