Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’innseadh dha le dream àraidh, a thubhairt, Tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh d’fhaicinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann.

An sin thàinig da ionnsaigh a mhàthair agus a bhràithrean, agus cha b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an dùmhlas.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is iad mo mhàthair agus mo bhràithrean iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a nì e.

Bhuanaich iad seo uile a dh’aon inntinn ann an ùrnaigh (agus ann an guidhe), maille ris na mnathan, agus Muire màthair Iosa, agus maille ra bhràithrean.

Nach eil againne comas piuthar, bean-phòsda, a thoirt leinn mun cuairt, amhail mar na h‑abstoil eile, agus bràithrean an Tighearna, agus Cèphas?

Ach neach air bith eile de na h‑abstoil chan fhaca mi, ach Seumas, bràthair an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan