Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.
Oir ge bè neach aig a bheil, dhàsan bheirear, agus bidh aige an tuilleadh pailteis: ach ge bè neach aig nach eil, uaithesan bheirear eadhon an nì a tha aige.
Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:
Gach uile gheug annamsa nach eil a’ giùlan toraidh, bheir e air falbh; agus gach uile gheug a tha a’ tabhairt toraidh, glanaidh e i, a‑chum gun giùlain i tuilleadh toraidh.
Uime sin chuir mi air ball fios ort; agus is math a rinn thu teachd. Air an adhbhar sin tha sinne uile an seo an làthair ann am fianais Dhè, a dh’èisdeachd nan uile nithean a tha air an àithneadh dhutsa le Dia.
Bha iad sin na b’uaisle na muinntir Thesalonìca, oir ghabh iad am facal dan ionnsaigh leis an uile thogradh, a’ rannsachadh nan sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn an robh na nithean sin mar sin.
Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.
Ma shaoileas duine sam bith gur fàidh, no gur duine spioradail e fhèin, aidicheadh e na nithean a tha mise a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur iad àitheantan an Tighearna.
Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic.
Ged dh’fhaodainn-sa mar an ceudna muinghinn a bhith agam anns an fheòil. Ma shaoileas aon neach eile gum faod e muinghinn a chur anns an fheòil, is mò na sin a dh’fhaodas mise: