Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chan eil nì sam bith falaichte nach dèanar follaiseach; no uaigneach nach aithnichear, agus nach tig am follais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

An tì a chòmhdaicheas a fhuath le ceilg, foillsichear a aingidheachd am fianais a’ cho-chruinneachaidh.

Oir bheir Dia gach obair a‑chum breitheanais, maille ris gach nì diamhair, mas math no mas olc e.

Uime sin na biodh eagal oirbh romhpa: oir chan eil nì sam bith falaichte nach foillsichear; agus an cleith nach dèanar aithnichte.

Oir chan eil nì air bith falaichte nach foillsichear; agus cha robh nì air bith an cleith nach tig am follais.

Uime sin na tugaibh breith air nì sam bith ron àm, gus an tig an Tighearna, neach araon a bheir gu soilleireachd nithean falaichte an dorchadais, agus a dh’fhoillsicheas comhairlean nan cridheachan: agus an sin gheibh gach neach cliù o Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan