Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

40 Iomraidhean Croise  

Am chridhe dh’fhalaich mi d’fhacal, a‑chum nach peacaichinn ad aghaidh.

Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom.

A mhic, na dìochuimhnich mo lagh; ach gleidheadh do chridhe m’àitheantan:

Fhuaireadh do bhriathran, agus dh’ith mi suas iad; agus bha d’fhacal dhomh na aoibhneas, agus na ghàirdeachas dom chridhe; oir tha mi air m’ainmeachadh ortsa, O Iehòbhah, Dhia nan sluagh.

Ach seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil: An dèidh nan làithean sin, deir an Tighearna, cuiridh mi mo reachd nan taobh a‑staigh, agus sgrìobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nam poball.

Agus thig na Caldèanaich a tha a’ cogadh an aghaidh na cathrach seo, agus cuiridh iad teine rithe, agus loisgidh iad i, maille ris na taighean air mullach an do loisg iad tùis do Bhàal, agus air an do dhòirt iad tabhartasan-dibhe a‑mach do dhiathan eile, a‑chum mise a bhrosnachadh gu feirg.

Ach ge bè a bhios seasmhach gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar.

Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e.

Bheir duine math nì math a‑mach à deagh ionmhas a chridhe; agus bheir droch dhuine nì olc a‑mach à droch ionmhas a chridhe: oir is ann à pailteas a chridhe a labhras a bheul.

Agus an nì a thuit am measg droighinn, is iad sin an dream a dh’èisdeas, agus air dhaibh dol a‑mach, tha iad air an tachdadh le cùram, agus le saoibhreas, agus le sàimh na beatha seo, agus chan eil iad a’ toirt toraidh uapa a‑chum foirfeachd.

Chan eil neach air bith, air dha coinneal a lasadh, a dh’fhalaicheas fo shoitheach i, no a chuireas fo leabaidh i: ach cuiridh e ann an coinnleir i, a‑chum gum faic iadsan a thig a‑steach an solas.

Mas toigh leibh mise, coimheadaibh m’àitheantan:

Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.

Dhaibhsan a tha le buanachadh gu foighidinneach ann an deagh obair, ag iarraidh glòire, agus urraim, agus neo-bhàsmhorachd, a’ bheatha mhaireannach:

Ach a‑nis air dhuibh a bhith saor on pheacadh, agus nur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh a‑chum naomhachd, agus a’ chrìoch a’ bheatha mhaireannach.

Oir tha fhios agam, annamsa (sin ri ràdh, ann am fheòil) nach eil math sam bith a’ gabhail còmhnaidh: oir tha an toil an làthair maille rium, ach dòigh sam bith a‑chum math a dhèanamh chan eil mi a’ faotainn:

Air an adhbhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh don lagh tre chorp Chrìosd; ionnas gum biodh sibh pòsda ri fear eile, eadhon ris-san a thogadh o na mairbh, a‑chum gun tugamaid toradh a‑mach do Dhia.

Ach ma tha dòchas againn ris an nì nach eil sinn a’ faicinn, feithidh sinn gu foighidinneach ris.

Chan eil èifeachd anns an timcheall-ghearradh, agus chan eil èifeachd anns an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an coimhead àitheantan Dhè.

Oir is ann le gràs a tha sibh air ur tèarnadh, tre chreideamh: agus sin chan ann uaibh fhèin; is e tìodhlac Dhè e:

Agus timcheall-ghearraidh an Tighearna do Dhia do chridhe, agus cridhe do shliochd, a ghràdhachadh an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, a‑chum gum bi thu beò.

Air ur lìonadh le toradh na fìreantachd, a tha tre Iosa Crìosd a‑chum glòir agus cliù Dhè.

A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;

A thàinig dur n‑ionnsaigh-se, mar anns an t‑saoghal uile; agus a tha a’ toirt toraidh uaithe, mar a tha e a’ dèanamh mar an ceudna nur measg-se, on là anns an cuala sibh e, agus anns an d’fhuair sibh eòlas air gràs Dhè ann am fìrinn.

Oir tha feum agaibh air foighidinn; a‑chum an dèidh dhuibh toil Dhè a dhèanamh, gum faigh sibh an gealladh.

Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.

Ach biodh aig an fhoighidinn a h‑obair iomlan fhèin, a‑chum gum bi sibh diongmhalta agus iomlan, gun uireasbhaidh nì sam bith.

Agus le seo tha fhios againn gur aithne dhuinne e, ma choimheadas sinn a àitheantan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan