Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Iarradh iad a‑chum an lagha agus a‑chum na fianais: mura labhair iad a rèir an fhacail seo, is ann a chionn nach eil solas annta.

Eisdibh air an adhbhar sin ri cosamhlachd an t‑sìoladair.

Nuair a chluinneas neach air bith facal na rìoghachd, agus nach toir e fa‑near e, thig an droch spiorad, agus bheir e air falbh an nì a chuireadh na chridhe: is e seo esan anns an do chuireadh an sìol ri taobh an rathaid.

Agus thubhairt e riu, Nach aithne dhuibh an cosamhlachd seo? Agus cionnas, matà, a thuigeas sibh gach uile chosamhlachd?

Iadsan ri taobh an rathaid, is iad sin a dh’èisdeas: na dhèidh sin tha an diabhal a’ teachd, agus a’ togail air falbh an fhacail as an cridheachan, air eagal gun creideadh iad agus gum biodh iad air an saoradh.

Uime sin cuiribh uaibh gach uile shalchar, agus anabarr mìoruin, agus gabhaibh dur n‑ionnsaigh le macantas am facal a tha air a shuidheachadh annaibh, a tha comasach air ur n‑anaman a thèarnadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan