Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 8:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh an dèidh sin, gun d’imich esan tro gach cathair agus baile, a’ searmonachadh agus a’ cur an cèill soisgeul rìoghachd Dhè, agus an dà‑fhear-dheug maille ris;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thàrladh, nuair a chrìochnaich Iosa a àitheantan a thabhairt da dhà-dheisciobal-dheug, gun d’imich e as a sin a theagasg agus a shearmonachadh nam bailtean.

Nuair a chluinneas neach air bith facal na rìoghachd, agus nach toir e fa‑near e, thig an droch spiorad, agus bheir e air falbh an nì a chuireadh na chridhe: is e seo esan anns an do chuireadh an sìol ri taobh an rathaid.

Agus dh’imich Iosa timcheall Ghalile uile, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach gnè thinnis, agus gach gnè eucail am measg an t‑sluaigh.

Agus ghabh Iosa mun cuairt nan uile chathraichean agus bhailtean, a’ teagasg nan sionagogan, agus a’ searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a’ slànachadh gach uile easlaint agus eucail am measg a’ phobaill.

Agus shearmonaich e nan sionagogan air feadh Ghalile uile, agus thilg e a‑mach na deamhain.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel.

Agus thàrladh air aon de na làithean sin, nuair a bha e a’ teagasg a’ phobaill anns an teampall, agus a’ searmonachadh an t‑soisgeil, gun tàinig na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean air, maille ris na seanairean,

Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,

Agus chaidh iadsan a‑mach, agus ghabh iad tro na bailtean, a’ searmonachadh an t‑soisgeil, agus a’ leigheas anns gach àite.

Cionnas a dh’ung Dia Iosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh, agus le cumhachd; neach a chaidh mun cuairt a’ dèanamh maith, agus a’ slànachadh nan uile a bha air an sàrachadh leis an diabhal: oir bha Dia maille ris.

Agus tha sinne a’ soisgeulachadh dhuibhse a’ gheallaidh, a rinneadh do na h‑athraichean.

Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan