Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala Iosa na nithean seo, ghabh e iongantas ris, agus air tionndadh dha, thubhairt e ris an t‑sluagh a lean e, Tha mi ag ràdh ribh nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo ann an Israel fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, O bhean, is mòr do chreideamh: biodh e dhut mar as àill leat. Agus rinneadh a nighean slàn on uair sin a‑mach.

Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.

Agus an dèidh don deamhan a bhith air a thilgeadh a‑mach, labhair am balbhan: agus ghabh an sluagh iongantas, ag ràdh, Chan fhacas a leithid seo ann an Israel riamh.

Agus air tilleadh air an ais don taigh do na teachdairean a chuireadh da ionnsaigh, fhuair iad an seirbhiseach a bha tinn, slàn.

Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.

Oir is duine mise fhèin air mo chur fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e; agus ri fear eile, Thig, agus thig e; agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan