Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin cha mhò a mheas mi gum b’airidh mi fhèin air teachd ad ionnsaigh: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Chuir e a fhacal uaithe, agus shlànaich e iad; agus shaor e iad o sgrios.

Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.

Agus ghabh iad mòr-iongantas uile, ionnas gu robh iad a’ cur na ceiste seo ri chèile, ag ràdh, Ciod e seo? Ciod e an teagasg nuadh seo? Oir le ùghdarras tha e a’ toirt òrdaigh eadhon do na spioradan neòghlan, agus tha iad umhail dha.

Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.

Agus shìn e a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is toil leam; bi glan. Agus air ball dh’fhàg an luibhre e.

Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard-ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith:

Oir is duine mise fhèin air mo chur fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e; agus ri fear eile, Thig, agus thig e; agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Is e an Tighearna a mharbhas agus a bheothaicheas: bheir e sìos a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, agus bheir e a‑nìos.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan