Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 7:50

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.

Feuch, chan eil a anam-san, a tha air a thogail suas, ceart an taobh a‑staigh dheth; ach mairidh am fìrean beò le a chreideamh.

Ach air tionndadh do Iosa mun cuairt, chunnaic e i, agus thubhairt e, A nighean, biodh deagh mhisneach agad; shlànaich do chreideamh thu. Agus bha a’ bhean slàn on uair sin.)

Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.

Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth, agus bi slàn od phlàigh.

Agus thubhairt e ris, Eirich, imich; shlànaich do chreideamh thu.

Agus thubhairt Iosa ris, Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu.

Agus nuair a chuala Iosa na nithean seo, ghabh e iongantas ris, agus air tionndadh dha, thubhairt e ris an t‑sluagh a lean e, Tha mi ag ràdh ribh nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo ann an Israel fhèin.

Air an adhbhar sin thugaibh fa‑near cionnas a dh’èisdeas sibh: oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha; agus ge bè neach aig nach eil, bheirear uaithe eadhon an nì sin a shaoilear a bhith aige.

Do bhrìgh gu robh aon-ghin nighinn aige, mu thimcheall dà‑bhliadhna-dheug, agus i a’ faotainn a’ bhàis. (Ach air dha a bhith ag imeachd, bha an sluagh ga theannadh.

Agus thubhairt esan rithe, A nighean, biodh misneach agad: shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.)

An sin fhreagair Eli agus thubhairt e, Imich ann an sìth: agus gun tugadh Dia Israeil dhut d’iarrtas a dh’iarr thu air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan