Agus thòisich iadsan a bha nan suidhe aig biadh maille ris air a ràdh annta fhèin, Cò e seo a tha eadhon a’ maitheadh pheacaidhean?
Agus thàrladh, air suidhe do Iosa aig biadh anns an taigh, feuch, thàinig mòran chìs-mhaor agus pheacach, agus shuidh iad sìos maille ris-san agus ra dheisciobail.
Agus, feuch, thubhairt dream àraidh de na sgrìobhaichean annta fhèin, Tha am fear seo a’ labhairt toibheim.
Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?